Recent Posts

Archive

Tags

No tags yet.

Beatha a' Bhàird Bhig: 2018

Am Faoilleach

Thòisich mi am bliadhna nam aoigh air ‘Express Yourself’, còmhla ri Carla Woodburn is Lesley Traynor, air Radio Bhaile Ghobhainn Ghrianaich is lean mi orm leis a’ chiad phrògram ‘Feasgar’ den bhliadhna agam, air BBC Radio nan Gàidheal còmhla ri Cathy Bhàn.

Chaidh m’ ainmeachadh mar ‘Gaisgeach LGDT’ le Aonadh Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann airson mo chuid obrach airson riochdachadh taobh a-staigh saoghal na Gàidhlig.

Chaidh an làrach-lìn ùr – marcas.scot – a chur air bhog is blog ùr a thòiseachadh!

An Gearran

Lean mi orm Gàidhlig a theagasg aig Ionad Foghlam Fosgailte Oilthigh Dhùn Èideann.

Bha mi sa chathair aig tachartas sònraichte a’ comharrachadh bàrdachd nam ban aig ‘Express Yourself’ ann an Glaschu.

Chùm mi cuirm còmhla ri Rona Wilkie is Marit Fält airson Mìos Eachdraidh LGDT aig an Ionad Pleasance.

Am Màrt

Thug mi bùth-obrach seachad aig Co-labhairt Oileanaich na Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann mu fhèin-aithne gèidh nam chuid bàrdachd.

Bha mi còmhla ri Gillebrìde MacIlleMhaoil is Alasdair MacIlleBhàin aig Fèis Aye Write!, a’ bruidhinn air sgrìobhadh òran ùra sa Ghàidhlig. Leugh mi bàrdachd aig cuirm gus airgead a thogail do Radio Bhaile Ghobhainn Ghrianaich ann an Glaschu.

Tharraing mi am mìos gu crìoch còmhla ri Dolina NicIllFhinnein, anns a’ chathair son a’ chiad uair aig Na h-Eiricich.

An Giblean Bha mi fhìn, Stiubhart A. Padarsan, Katherine NicPhàrlain agus Ricky Monahan Brown an sàs ann am pròiseact sònraichte airson Interrobang?! – Fieldwork – a chomharraich ceanglaichean eadar a’ Ghàidhlig a’ Bheurla is a’ Bheurla Ghallta. Chaidh film-dhàn a rinn mi còmhla ri Lesley Traynor – ‘Long-briste’ / ‘Shipwreck’ – a thaisbeanadh son a’ chiad uair aig StAnza.

Sgrìobh mi a’ chiad allt den bhliadhna an aghaidh Ghàidheil-ghamhlais agus chaidh fhoillseachadh ann am Bella Caledonia. Cho luath ’s gun deach a leughadh, sgrìobh Brian Beacom an t-allt suarach aige-san is thòisich sin sreath de dh’fhreagairtean air an aon chuspair do ‘Am Pàipear Beag’, ‘Hebrides Writer’, ‘The National’ is eile.

Sgrìobh mi tuèitean is mi toilichte a bhith ann sàs san iomairt #IsMiseGàidhlig.

Chaidh ‘heelster-gowdie / beul-fo-bhonn’, sgrìobhte còmhla ri Stiùbhart A. Padarson, ainmeachadh son Co-obrachadh As Fheàrr den Bhliadhna aig na Duaisean Saboteur.

An Cèiteann

Rinn mi caismeachd còmhla ri Misneachd airson cor na Gàidhlig is Neo-eisimeileachd na h-Alba.

Bha mi trang am mìos seo ag eadar-theangachadh earannan den opara ‘Dido is Aonghas’ dhan Ghàidhlig airson The Scots Opera Project.

Chaidh mo bhòtadh a-steach nam Chathraiche aig Bothan Dhùn Èideann is tha am buidheann air a dhol bho neart gu neart, le taic bho chomataidh air leth.

An t-Ògmhìos

Chaidh mi sìos gu Dùn Phrìs gus tachartas a chumail còmhla ri Stìubhart A. Padarsan airson Gàidhlig DunGal. Bhruidhinn mi air BBC An Là is Radio nan Gàidheal mu dì-eucorachadh fearais-fheise ann an Alba, o chionn caogad bliadhna.

Chuir sinn fàilte air Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein is dorsan a’ Bhothan fosgailte son a’ chiad uair fo bhrataich a’ Chomataidh Ùir.

Chaidh mi gu Obar Pheallaidh son a’ chiad uair gus co-fharpaisean a dhèanamh son a’ chiad uair còmhla ri Còisir Ghàidhlig Lodainn.

Chaidh mi gu Provence san Fhraing airson co-labhairt litreachas na h-Alba, far an do leugh mi mo chuid bàrdachd aig a’ chuirm-dùinidh.

An t-Iuchar

Bha mi sa chathair aig a’ chiad tachartas Gàidhealach aig Co-nasgadh nan Sgrìobhaichean (Alba) far an do chuir sinn fàilte air Alison Lang aig an Traverse.

Sgrìobh mi sreath de thuèitichean leis an taga-hais #BilingualSign a spreag mìltean is mìltean de fhreagairtean às gach ceàrnaidh den t-saoghail.

Chaidh bàrdachd ùr fhoillseachadh ann an ‘New Writing Scotland: 36’ agus ‘Gutter’.

An Lùnastal Chaidh ‘Dido is Aonghas’ a chur air bhog ann an Irbhinn is òrain bhuaithe gan clàradh airson BBC Radio Scotland.

Leugh mi airson a’ chiad uair aig tachartas ‘New Writing Scotland’ ann am Blackwells Dhùn Èideann.

Chuir Poblachd nam Bàrd an teachdaireachd aige mu sgaoil aig ceithir tachartasan air leth aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba. Bha corr is caogadnar bhàrd an sàs ann an ceudan san luchd-èisteachd, thar an dà là.

Sheinn mi còmhla ri Còisir Ghàidhlig Lodainn aig cuirm shònraichte airson na Fèise. Thug mi tasibeanadh eile seachad air òran ùra Ghàidhlig aig Rannsachadh na Gàidhlig, còmhla ri Gillebrìde is Alasdair.

Chaidh mi gu Sruighlea còmhla ris an t-seinneadair Alison MacRàth gus luaidh a dhèanamh air a’ chòmhlan-ciùil Runrig, am measg coimhearsnachd nan Gàidheal, airson an uair mu dheireadh.

An t-Sultain

Mar bhall-bùird bha mi an sàs ann an cothrom a chruthachadh do dh’oileanach ollamhachd obair a dhèanamh aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba air cuinneachaidhean na Gàidhlig aige.

Bhruidhinn mi an aghaidh gràin-cho-sheòrsachd is chùm mi taic ri Pride Ness is Pride Hebrides. Chaidh m’ aodann a chur air clàr-tìre bàird Bhreatainn is na h-Èireann. Bha mi sa chathair còmhla ri Joy Hendry còmhla ris na h-Eiricich is sgioba Poblachd nam Bàrd aig a’ Waverley.

An Dàmhair

Sheinn mi am measg rionnagan sgìre Lodainn aig Bothan sònraichte, na chuimhneachan air Iain MacLeòid nach maireann agus aig cèilidh Chomann Tìr nam Beann.

Bha mi sa chathair, greis, air Là Nàiseanta na Bàrdachd aig GoMA còmhla ri Co-nasgadh nan Sgrìobhaichean (Alba).

Chuir Misneachd am plana radaigeach aca air bhog aig a’ Mhòd.

Chaidh mi gu Mòd Ionadach na Dreòlluinn agus gun Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain, còmhla ri Còisir Ghàidhlig Lodainn, is bhuannaich sinn mòr-chuid de na co-fharpaisean anns an robh sinn an sàs, a’ gabhail a-steach co-fharpais nam port-à-beul is Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn.

Bhuannaich mi duais an naidheachdais aig Là Litreachas a’ Mhòid Nàiseanta agus duais an òrain ùir, còmhla ri Julie NicPhaidein.

Rinn mi eadar-theangachadh son dealbh-cluich ‘Violent Bloom’ le Anndra Gunnach, a chaidh a chur air an àrd-ùrlar anns an t-Sealan Nuadh.

An t-Samhain

Airson Seachdain na Gàidhlig bha Marcas agus Doli sna cathraichean airson nan Eiriceach aig Leabharlann na Bàrdachd, còmhla ri Aonghas Dubh, Màrtainn Mac an t-Saoir agus Gerda Stevenson. Aig deireadh na fèise chuireadh fàilte air na h-Èireannaich Scott de Buitléir agus Alison Ní Dhorchaidhe. Chùm Bothan Cearcall Chaluim 2018 ann an Ionad nan Sgeulachdan is an Canon’s Gait.

Bha mi an sàs ann am bùithtean-obrach Bhogha-froise far an do sgrìobh mi òran ùr còmhla ri Marit Fält, Rona Wilkie is Josie Duncan.

Chaidh dàn ùr fhoillseachadh san duanaire ‘Rebel’ aig Urras Leabhraichean na h-Alba.

Mhothaich an Daily Gael gu bheil mi gu math trang air Twitter, cuideachd.

An Dùbhlachd Sgrìobh mi duan ùr airson Seirbhis na Nollaig aig BNBC Alba, a chlàradh ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann. Stiùir mi oideachadh na Gàidhlig airson coileanaidhean Chòisir Seòmar Acadamaidh Dhùn Èideann is Chòisir Ghàidhlig Lodainn is bha mi toilichte a bhith a’ seinn còmhla ri Jackie, Aonghas is càch air an oidhche.

Rinn mi fhìn is Alison Lang beagan bruidhinn air Donnchadh Bàn aig Leabharlann na Bàrdachd is fhuair sinn coimisean dealbh-cluich ùr a sgrìobhadh aig Iomairt Dhùn Èideann.

Thòisich mi nam oide na Gàidhlig don Chòisir làn thìde.

Fhuair mi barantas coimisein aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba gus an co-chruinneachadh ùr, ‘Polaris’ a choileanadh.

Chuir mi an Nollaig seachad ann an Eabhraig, còmhla ri mo theaghlach, is a’ cur crìoch air a’ chiad nobhail, ‘Cuairteagan’, airson Acair.

#Poetry #Polari #Drama #English #Gaelic #Gàidhlig #Seinn #Singing #Òrain #Songs