Recent Posts

Archive

Tags

No tags yet.

Biadh a' Bhàird Bhig: Sàr-spag-bol

Tha blas Spàinnteach air an reasbaidh a tha seo, a leasaich mi nuair a bha mi a' fuireach ann an Alicante. A bharrachd air na grìtheidein àbhaisteach a gheibhear ann an reasbaidhean traidiseanta, cuiridh mi ann rud no dhà, bho phreas a' chidsin, gus a thoirt chun na h-ath-ìre.

Airson ceathrair.

Grìtheidean

650g de mhuns màirt-fheòla

Pìos chorizo de 6cm a dh'fhaid 1 uinnean ruadh, 6 balgain-bhuachair 6 tomàtothan seargte

3 iongan creamha

500g de phassata 200ml de dh'fhìon dearg

200ml de dh'uisge

2 spàin-bùird de dh'fhìon-geur ìocshlainteach

1 spàin-bùird de shabhs Worcestershire

3 spàin-teatha de shiùcar

2 spàin-teatha de lusan Eadailteach 1 spàin-teatha càrnte de phaiprìoca smocte

1 ciùb-brùtha

500g de phasta

Ola-crhroinn-ola

Stiùireadh

Geàrr an chorizo is an uinnean, balgain-buachair, tomàtothan seargte is an creamh nan sliseagan beaga.

Cleachdaidh mise an t-ola a bhios ann an crogan nan tomàtothan, ach mur a h-eil sin ann, dòirt boinne bhon bhotal a-steach dhan phoit.

Bruich an chorizo, gus an dath a thoirt a-steach dhan ola, is an uairsin an t-uinnean is an creamh gus am bi iad bog is donn.

Nuairsin cuir a-steach am muns is bruich e gus nach bi e pinc tuilleadh.

Nuairsin, cuir a-steach na blagain-bhuachair is na tomàtothan.

Nuair a bhios a h-uile sìon air a mheasgachadh le chèile, cuir a-steach na grìtheidean eile - fliuch is tioram.

Measgaich a h-uile rud còmhla is leig leis a ghoil, beagan, mus ìslich thu an teas. Is toil leam a bhruich fad uair a thìde, air teas gus math ìseal, gus am bi e cho blasta 's a ghabhas.

Bruich am pasta a-rèir an stiùiridh, nuair a bhios an sabhs cha mhòr deiseil.

#Biadh #Food #Gaelic #Gàidhlig