Recent Posts

Archive

Tags

No tags yet.

Biadh a' Bhàird Bhig: Fajitathan Circe

'S tric a bhios mi a' sgrìobhadh mu dheidhinn còcaireachd is bìdh air na meadhanan sòisealta agam is bidh e a' còrdadh rium a bhith a' roinneadh reasbaidhean le caraidean. Seo fear a tha mi air a bhith a' leasachadh fad seachdain no dhà. Chan eil am beatadh air fajitathan circe sa gheamhradh nuair a bhios tu feumach air rudeigin spiosrach gus do bhlàthachadh. Gheibhear pacaidean le tortillathan is measgaidhean spiosraidhean sna bùithtean mòra, ach tha iad cosgail, is ma tha preas làn spiosraidhean agad, mar a thà, 's fhiach an cleachdadh!

Airson dithis Grìtheidean

Dà bhroilleach circe Piobar ruadh Uinnean ruadh

Ola-chroinn-ola Spàin-teatha chàrnta paiprìoca smocte Spàin-teatha dinnseir Spàin-teatha fùdar uinnein Spàin-teatha fùdar creamha Leth-spàin-teatha fùdar tiolaidh no sliseagan tiolaidh tioraim Leth-spàin-teatha ciùmain Leth-spàin-teatha piobair cayenne

Sia tortillathan

Stiùireadh Measgaich na spiosraidhean còmhla ann am bobhla beag.

Ma bhios biadh spiosrach a' còrdadh riut, dh'fhaodadh tu spàin-teatha slàn de phiobar cayenne is tiolaidh a chur ann, seach leth-spàinn-teatha dhiubh.

Gearr an fheòil-circe nan sliseagan fada caola. Gearr am piobar ruadh is an uinnean mar an ceudna. Cuir an t-ola ann am pana is blàthaich e. Is toil leam a bhith a' cleachadh a' phoit mhòr Lecreuset agam, ach dhèanadh adhann-grìosaich a' chùis. Cuir a-steach na spiosraidhean is measgaich iad leis an ola. Cuir a-steach an fheòil is bruich i, gus nach bi i pinc tuilleadh. Cuir a-steach an uinnean ais bruich e gus bi e bog is an uairsin am piobar ruadh.

Thig na suthan às an uinnean is am piobar gus sabhs gu leòr a dhèanamh leis na spiosraidhean. Nuair a bhios e deiseil, cuir a-steach na tortillathan don àmhainn meanbh-thonn airson mionaid a-mhàin. Bidh mi gan cuir ro aoighean is a' phoit air a' bhòrd fhèin gus an lìon iad na tortillathan, ach dh'fhaodadh tu an lìonadh fhèin sa chidsin.

#Biadh #Food